Skip to main content

‹‹‹ prev (301)

(303) next ›››

(302)
'N uair b' fhileant' bhriathra' mhinisteirj
A fiosrachadh mu 'r truailleachd ;
Bha mise coimhead durachdach,
Na seirc tha d' shùil neo-luaiaach.
Mo chaileag, &c,
Cha suaimhneas oidhch' air leabaidh dhomhj
Ga t-f haicinn ann am bruadar ;
'S am Biobull fein cha laimhsich mi,
Gun t-iomha' ghraidh ga 'm bhuaireadh.
Mo chaileag, &c.
Ged shuidheas Clèir na tire leam,
'S mi sgriobhadh dhoibh le luath-laimh ;
*S ann bhios mo smuainte diomhaireach,
AÌK Sìne dhonn a chuach-fhuilt.
Mo chaileag, &c.
»S caoin a seang slios furanach,
Neo-churi * a ceim uallach ;
Tha 'gairdean ban gle chumacbdail ;
"S deud lurach n' a beul guamach.
Mo chaileag, &c.
'S ro fhaicilleach 'n a comhradh i,
Gun sgilm, gun sgleo, na tuaiieas ;
Gur flathail coiseachd sraide i,
Air bheagan stàit na guaineis.
Mo chaileag, &c.
Ged bheireadh Deorsa aite dhomh,
Cho ard 's a tha measg uaislean ;
* Neo-churi'— .Gentle.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence