Skip to main content

‹‹‹ prev (199)

(201) next ›››

(200)
ISS
Donullach gasda mo ghaoil thu,
'S cha b' e Mac Dhonnchai Ghhnne iaochann,
Na duine bha beo dheth dhaoine,
Mhic an fhir o thùr na faoileachd,
Tar an tig an long fo h-aodach,
Far an oilte fion gu gTeadhnach,
'S mo dhiobhail dith na 'n Cinn fheadhna.
E ho i u ho, &c.
Mhoire 'se mo run-an t-oigeir,
Fiughantach aigionntach sporsail,
Ceannard na ceathairne rnoire,
'S misenach diuitadh do chòradh,
Marr-ri cuideachd no am onar,
Mhic an f hir o 'n innis cheolar,
O 'n tir am faighte na geoidh-ghlas,
'S far am faigheadh fir fhalamh storas.
He ho i u ho, &c.
Bhuailte creach a's speach mhor leat,
'S cha bhiodh chridhe tigh'n a t-fheoraich,
Aig a liuthad larla a's Mòr-fhear,
Thigeadh a thoirt mach do chòrach,
Thig Mac Shimidh, thig Mac Leod ann,
Thig Mac Dhonuill duibh o Lochaidh,
Bidh Sir Seumus ann le mhor fhir,
Bidh na b' annsa Aonghus og ann,
'S t-fhuil ghreadhnach fein bhi ga dortadh,
'S deas tarruing na 'n geur lannaibli gorma.
E ho i u ho, &c.
'S na 'n saoileadh cinne t-athar,
Gu 'n deanadh Granntaich do ghleidheadh,
'S ioma fear gunna agus claidhe,
Chotainn uaine 's bhreacan dathail,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence