Skip to main content

‹‹‹ prev (178)

(180) next ›››

(179)
167
'' Chasg acrais do bhrù,
" 'Sa bhi 'n aodach sa 'n anard,
" Cheart cho chionalt ri Diuc,
" 'S tha mi meallt ann am bharail,
" Mur coisinn t-onair dhuit cliCi."
Ho m' fhaidhrein, &c.
Dith bìdh air do shroinse,
O 'n tha do phoca fein lan,
'S dona 'm paighe an gròta,
Ga thilgeadh ormsa gach la,
Na 'n tarlainn 's tigh leanna,
'S eigheach air drania na dha,
'N donas bonn a bhiodh agam,
Chuir seachad na 'n trath.
Ho m' fhaidhrein, &c.
'Na 'n tarladh dhomh bhi air mhisg,
Gun aon bhonn gliocais am cheann,
Bhiodh an geard ga mo fhreasdal,
'S ga mo ghlasadh gu teann,
Na 'm biodh duin' idir 'sa ghàbhadh,
'S e Mac a Ghaidhil bhiodh ann,
'Sa nuair a thigeadh mo Mhaidseir,
" Bhùgair ghraind tha thu ann."
Ho m' fhaidhrein, &c.
Gu 'n neartaich an Righ Clanna' Ghaidheal,
Anns' gach aite mu 'n cuairt,
Eidear Eaglaisean Lunnuinn,
'S ard bheannan 'n taobh tuath,
Tha 'n Righ air a Chathair,
Seoladh a chatha mu 'n cuairt,
L 4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence