Skip to main content

‹‹‹ prev (163)

(165) next ›››

(164)
152
Gabhail fath oirnn anns gacli ait ann 'sa 'm bi ;
Cuir a chuibhle so Chriosd mu 'n cuairt.
Ma thionndas i seannsail an drasd,
'S gu 'm faigh am Frangach am flatidurs buaidh ;
Tha mi earbsach as an tairgneadh a bha,
Gu 'n tig armailt ni stath thair chuan.
Gu 'n tugadh fortan da diodunn le gras,
Mur fhuair Maois le fàbhar mhuir ruagh ;
'S gu 'm bi Deorsa le a dhrealainibh baiiht,
Mur bha 'n t-amadan Phara 'sa shluagh.
'Nuair bha Israel sgith 'sa 'n staid ghrais,
Thagh e beusan Shàil mur Righ ;
Thug e sgiùrsadh le miosguinn a's plaigh,
Orra fhein, air an àl 's air an linn.
Samhuil sud 's mur tha Breatunn fo bhròu;
O 'n a reic iad an coir do 'n Righ ;
Rinn e 'n cronach' le corruich ro mhor,
Crom an donais chaidh an seorsa 'n iasd.
A Righ shocraich Mhuire na 'n gràs,
Thoir dhomhsa le buaidh do chluas ;
'S mi 'g umhladh le m' ghliìn air an lar,
Gabh athchuinge airid uam.
'G*
Ma tha sinn a sireadh ach ar coir,
Thng a Chuigs agus Deorsa uainn ;
A reir do cheartais thoir neart dhuinn a's treoir,
'S cuir ar naimhdean air fogradh uainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence