Skip to main content

‹‹‹ prev (156)

(158) next ›››

(157)
145
Leigeadh an smior ris,
Far ani beanadh gu *n craoineadh,
Bhiodh eanchainn am mullaicii,
Mu muineal ga 'n salachadh.
Dh' innsinn cuid d' ar beusan,
Bhi treun ann an torachd,
Bha bhuil air Clann Chatain,
Gu 'm b'e sud fasan Chlann Donuill,
Dhol treun air chois claidhe,
'Nuair a chaitheadh iad lod orr ;
Eidear fhearaibh a's ghillibh,
Bhi le 'n siiianan na 'n sgornain.
'Nuair a rainig thu 'n larach,
An robh abhaist do shean'ar,
Bha Clann Cliatan 'sa bhèucaich,
'G iarruidh fabhair da 'n anam ;
Sin nuair gheibheadh tu t-aiUeas,
Chuir am paipeir an ceangal,
'S ged tha Cheapach na fasach,
Tha i paighte le ceannaibh.
Ged a ghlaodh iad ruibh 'n ionaghlais,
Mu anmoch an fheasgair,
Chuir sibh sgapadh a mheanmh-chruidh,
An luchd a mhàm thair a pheice ;
Ga 'n ruith feadh an aonaich,
'S ga 'n cuartachadh dhachaidh ;
'S ga 'm paigheadh na 'm fiachan,
Ach dh' iondrain iad Lachunn *.
Thig Mac Coinnich dhion' t-armailt,
'S bu mhor m' earbs' as a mhathas,
* Maicntoslj.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence