Skip to main content

‹‹‹ prev (318)

(320) next ›››

(319)
507
Marr-rì Alasdair ruagh na feile.
Chaill sinn, &c.
Chaill sinn Raibeart an aigh,
'S cha bu sgrubaire e,
Measg chagnadh lann, a's bhèigneid.
Chaill sinn, &c.
'S ann thuit na rionnagan gasd ;
Bu nihath aluinn an dreach,
Cha bu phaigheadh leinn mairt na 'n èirig.
'S ann thuit, &c.
Air thus an latha dol sios,
Bha gaodh a cathadh nan sion,
As an adhar bha trian na rèidhte.
Air thus, &c.
Dh' fhàs an talamh cho trom,
Gach fraoch fearunn a's fonn,
'S nach bu chothrom dhuinn lom an t-sleibhe.
Dh' fhas an talamh, &c.
Lasair theine na 'n Gall,
Frasadh pheileir mu 'r ceann,
Mhill sud eireachdas lann 's bu bheud e.
Lasair, &c.
Mas fior an dana g'a cheann,
Gu *n robh Achan 'sa champ,
Dearg mhearlach nan raud 's na 'm breugan.
Mas fior, &c.
'S e sin an Seanalair mor,
Gràin a's mallachd an t-sloigh,
u 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence