Skip to main content

‹‹‹ prev (293)

(295) next ›››

(294)
Mosglaibh uile gach treun-laoch,
'S bithibh gleusda uiar a b' àbhaist ;
Mur tliràiUean na deanaibh geillcadb,
Fhad 's bhios fuil n-ur fèithean blàth ;
Chuala' mi a.bhi leughadh,
Bharr air Reumair, ioma fàigh,
Gu bheil curainean aig Sèumus,
Ni treubhantas an deigh bhi marbh.
Mosglaibh uile, gach duine,
Anns a chumasg bithibh garg ;
Deòrs a's Uilleam rinn ar guineadh,
Sud na cuileinean gun dealbh ;
Choidhch cha toir a chràin na 'n cullacb,
Am feasd buinig as ur n-arm ;
'S fuadaichibh a mhuc le gusgal,
Marr-ri h-uirceinean th' air fairg.
'N Righ ga dhiodainn a's a dhislean,
Air an fhior-fhuil gu *n robh sealbh ;
Air crun Alba o Hnn Raibeart,
A reir na 'n eachdrain is fearr;
Bidh cinn-fheadhnaidh 's iad gu greadhnach,
Feadh do theaghlaich 'sa JVhite-Haltj
Mur bhalla praise mu 'n cuairt duit,
Cabhlach cruadalach air sail.
'Nuair a theid an crun mu 'n òigeir,
'S lionmhor Mor-fhear bhios mu d' shàil :
Seanalairean le n campa 'n ordugh,
'S iad gun sgur ag ol do shlaint ;
Gloineachean ga 'n ìionadh 's bòlaibh,
Le non or-chostach na spainnt,
'S iad ga 'n aiseag sios air bordaibh,
iMeasg an t-sloigh o laimli gu laimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence