Skip to main content

‹‹‹ prev (290)

(292) next ›››

(291)
279
Bhiodh do ghillean na 'n di aip aìr an luaithead.
'Nuair a thigeadh, &c.
Ach cha b' uileir dhuit dithisd,
Dhol a riarachadh dibhe,
Anns an t-seomar an suidheadh na h-uaisleani
Ach cha b'uileir, &c.
Gheibhte ceol as gach feadan,
Ann ad sheomar mu fheasgar,
A dheagh mhic 'lUeasbuig so ghluais uainn,
Gheibhte ceol, &c.
*Nuair bhìodh fang air na h-eachaibh,
Gheibhte branndaidh ga sgapadh,
Anns a ghleann *n tric a leag thu damh cluas-dearg,
'Nuair bhiodh, &c.
Dh' òilte fion leat gu frasach.
'S tu gu 'n dìoladh e farsuing,
Leis an lionadh bha pailt mu do ghuaillibh,
Dh' òilte fion, &c.
'S mi air taobh an Tom bhuidhe,
»S goirt 's gur deurach mo shuidhe,
»S tric na deoir a sruthadh le m* ghruaidhibh,,
'S mi air taobh, &c.
Cumhadh an Alasdair phrìseil,
Dli' fhalbh uainn as an Rìoghachd;
'Se comisein a mhì-raith a fhuair e.
Cumhadh an Alasdair, &c.
'S truagh nach mise a dh' fhalbh leat,
Ged nach pilUnn do dh' Alba,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence