Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
58
©ran air blar na Tolainde am bliadhna 1799.
Le Alasdair Mac Ionmhuinn, Coirpleir
bh'ann an Reisimeid, Mhoir-fliear Hunndaidh,
'sa, nis air Gearasdan lonmhuir Lochaidh.
Fonn — Alasdair duhh Ghlinne-garaidh.
AiR mios deireannach an fhoghair,
An dara là gur math mo chuimhne ;
Ghluais na Breatunnaich o 'n bhajìca,
Dh' iunnsaidh tachairt ris na naimhdean ;
Thug Eabarcrombaidh taobh na mara
Dhiu le chanain 's mi ga 'n cluinntinn ;
Bha foirneadh aig Mur gu daingneann,
Cumail teine ris na naimhdean.
Thriall Eabarcrombaidh 's Mur na feile,
Le 'n laoich euchdail thun na batailt ;
Tharruing jad gu h-eolach treubhacb,
Luchd na beurla ri uchd catha ;
'Nuair a dhluith na h-airm ri cheile,
Dhubhadh na speuran le 'n deathaich ;
'S gur honor fear a bh' ann 'sa 'ri eisdeachd,
Nach do ghluais leis fein an athroidhch.
Dh' fhag iad sinne mur a b'annsa,
Fo cheannardachd Mhoir-fhear Jlunndaidh ;
An t-og smiorail, fearail, naimhdeil,
Na 'n teannadh ain-nearl ga *r 'n ionnsaidh ;
Le bhrataichean shiod' a stranraich,
Ri 'n cuid crann a damhs' le muisig ;
*S na fir a' togairt thuniia 'm Frangach,
'S iad mo ruinse chlann nach diultadh-
Bha 'n leoghunn colgara gun ghealtachd^
Le mhile fear sgairteil lamh-ruinn,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence