Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
m
'S gu 'm b' eoil domh a charachadh,
'S chuirinn fios gu h-eolach
Gu Seorus au garaidheach,
Gur h-e Coinneach Achadadonuill
Le a lon chum an t-anam ris.
Bhiast gun mheas, gun mhiagh, gun phiseachj
Riamh bu tric sa 'n talamhs' thu ;
Dh' ol a's dh' ith thu trian do d' phiseach,
'S tu a' t-isein amaideach ;
Chuir na Reothaich thu air ghnothach
'S tu a t-amhusg aineolach,
'S ged thug Clann Choinnich miagh dhuit'
Cha b' fhiach thu 'n treas earrunn deth.
Faire, faire, shaoghail !
Gur caochlaideach carach thu,
Chunnaic mise Siophort
Na 'm piob cruaidhe sgalanta,
Nach robh 'n Alba dh' aon-sluagb,
Ged a shìneadh Mac Cailein ris,
Na chumadh riut san èudann,
Nuair dh' èireadh do chabar ort.
Dh' eireadh leat an coir sa 'n ceart,
Le trian do neart gu bagarach,
Na bh' eidear Asinnt a's fa dheas,
Gu ruig Scalpa-Chraganach ;
Gach fear a ghlacadh gunna snaip,
Claidhe glas no dagachan ;
Bu leat Sir DonuU Shleibhte,
'Nuair dh' eireadh do chabar ort.
Dh'eireadh leat fir mhuideart
'Nuair ruisgeadh do bhrataicheaii,
Le'n lannan daithte dughorm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence