Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
SHIOIN. 31
Mosglaidh na fireanaich an tùs,
Is diiisgear iad gu leir o'n suain ;
An anman tiiirlingidh o ghlòir,
'Gan còmhlachadh aig beul na h-uaigh,
Le aoibhneas togaidh iad an ceann ;
Tha am am f uasglaidh orra dlùth ;
Is mar chraoibh-mheas fo iomlan blàth,
Tha dreaoh an Slànuigheir 'nan gnùis.
28, AIG BRUAICH lORDAIN.
f' ^Se fulangas mo Shlàmdgkeir.^' )
Tha 'n fheòil a' crith, 's cha 'n ioghnadh e,
Dol SÌOS gu lordan bàis ;
Tha sgàil na h-oidhch' ag iadhadh orm,
'S tha cianalas a' fas ;
Oir 'se tha romham siorruidheachd
Nach tomhais grian no la ; —
An cuan a ta neo-chriochanach,
Gum iochdar ann no tràigh !
Ach tha mo shùil ri Slànuighear
Bha gràsmhor fad mo chuairt ;
'Sa threòraich troimh an fhàsach mi,
Nach fag e mi 'san uair ;
Ach fòs gu'n dean e teasairginn
Dhomh fein 'san t-seasamh chruaidh,
'S gu'n sgoilt e dhomh na h-uisgeachan,
Gu ruig mi null le buaidh.
Ach ! 'm faigh neach cho grkineil rium,
'S do nhdur cho mi-naomh,
A chaoidh a steach 'n a làthair-san
Tha àillidh glan gun ghaoid ?
Ach glanaidh fuil an t-Slànuigheir
Mo ghràicealachd gu saor ;
Is gheibh mi 'n sin do 'n àros ud
'Sam bheil muir-Jàn a' Ghaoil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence