Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
10 CLARSACn
Guth losa chuala mi ag radh, —
•' seall air m' aghaidh ghaoil ;
Is dearsadh mhadainn shoills' thig ort^
Oir 's mise grian an t-saogli'il.' '
Air losa sheall mi agus fhuair
Mi ann mo reul 's mo ghrian :
'S tre 'n t-solus bheò ud stiùraidh e
Mo cheum o rib 's o lion.
S, GUDEISCIALL.
p' What means this.^')
Gu de is ciall do'n deifir chruaidh,
Do'n iomagain mhòir so 'm measg an t-sluaigh ?
Na cruinneachaidh so o la gu la
A' dian-riiith seachad orm gach tràth ?
Am freagradh fann tha aig gach neach,
" Tha los' o Nàsaret dol seacli."
Co e an t-Iosa so ? An geill
Am baile mòr mar so d' a sgeul ?
An urrainn coigreach aig a mhiann
An sluagh a ghluasad fo a rian ?
Gheibh thu a ris am beul gach neach,
" Tha los' o Nàsaret dol seach."
losa ! A bha aon uair a bhos
Air slighe dhaoin' measg broin gun chlos ;
Thugadh d' a ionnsuidh, 's iad 'nan teinn,
A' mhuinntir bhodhar, bhacach, thinn.
'Sa' ghlaodh na doill ghabh tlachd gach neach,
** Tha los' o Nàsaret dol seach."
Thig e a ris ! A lorga naomh
Chi sinn o ait gu ait gach taobh.
A cheuman aig ar starsnaich cluinc, —
Seadh, — tha e steach is fanaidh leinn.
Nach seinn sinn le mòr aoibh gach neach,
"Tha los 'o Nàsaret dol seach."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence