Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
41
ibh air bhur tearnadh, uile iomalla na taimhainn ;
oir is mise Dia, agus cha'n'eil atliarrach ann."
Isaiah xlv. 22. Is esan Rìo-h nan riMirean ai^us
Tighearna nan tighearnan. Tha gach cumhachd
air neamh agus air thalamh na laimh. " Air an
aobhar sin tlia e mar an ceudna comasach air an
dream a thig a dh' ionnsuidh Dhe trid-san a
a thearnadh gu h-iomlan, do bhrigh gu bheil e
beo gu siorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh
air an son." Eabh. vii. 25.
Tha cuid do mhuinntir a bha comharraichte
thar tomhas, air son an aingidheachd, agus a
fhuair maitheanas, air ainmeachadh, anns na
Scriobtuiribh, chum ** saibhreas Chriosd, nach
feudar a rannsachadh" fhoillseachadh agus mis-
neach a thoirt do gach seorsa pheacach gu creid-
sinn na ainm. Thoir fainear Manaseh, righ
ludah, duine aig an robh comunn ri deamhain,
a bha cho eudmhor air son iodhal-aoraidh *s
gu'n do loisg e aon d'a mhic san teine do
Bhaail, agus a chuir gu bàs na naoimh ann
an lerusalem, gus an robh sràidean a bhaile
dearg le'm fuil ; gidheadh, 'nuair a phill e
ris an Tighearna, f huair e tròcair. Thoir fain-
ear, mar an ceudna, an gadaiche air a
chrann.cheusaidh, agus gu h-àraidh Saul 'o Thar-
sus, neach a rinn mòr gheur-Ieanmhuinn air na
naoimhibh, agus a bha ga'n èigneachadh gu toibh-
eum a labhairt. Ach faic ciod a tha e fein ag ràdh,
an dèigh dha bhi air iompachadh. " GidJieadh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence