Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
37
a tha deanamh maith, cha'n'eil fìu a h-aon. Is
uaigh fhosgailte an scòrnach ; labhair iad cealg
le'n teangaibh ; tha nimh nan nathracha nimh
fo 'm biHbh. Aig am bheil am beil lan do mhall-
achadh agus do sheirbhe : tha an cosan luath a
dhortadh fola : tha leir-sgrios agus truaighe 'nan
slighibh: agus shghe na sìthe cha b'aithne dhoibh :
cha'n'eil eagal De fa chomhair an sùl," Rom.
iii. 10, &c.
Tha e dearbhta dhuinn 'o na firinnibh sin a
leugh sinn, gu bheil an cinneadh-daonna gu leir
ann an staid peacaidh agus truaighe — " marbh
ann an euceartaibh agus ann am peacaibh,"
Eph. iii. i. Gu bheil aig gach neach fa leith,
an inntinn f heòlmhor sin, a tha na bàs innte fein,
agus a tha cosnadh bàs siorruidh do'n anam.
" Oir is e tuarasdal a' pheacaidh am bàs," Rom.
vi. 23. " Do bhrigh gur naimhdeas an inntinn
f heolmhor an aghaidh Dhe ; oir cha'n'eil i ùmhal
do lagh Dhe, agus cha mhò a tha'n comas di bhi,
uime sin cha'n urrainn iadsan a tha san fheoil
Dia a thoileachadh," Rom. viii. 7» 8« Mar so
thaFocal De aleigeadh ris duinn, gu bheil daoine
nan naimhdean do Dhia, buailteach do bhàs
siorruidh, agus neo-chomasach air iad fein
f hirinneachadh, no Dia a thoileachadh. '* Cha'n
eil mi a' cur gràis De an neo-brigh : oir ma tha
fireantachd tre'n lacjh, is ann 2:un aobhar a
f huair Criosd bàs," Gal. ii. 21. A nis tha fhios
againn ge b'e nithe a ta 'n lagh a' Jabhairt, gur

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence