Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
20
ainmsan a chuir air aghaidh, co dhiu 's ann le
beatha, no le bàs, mo shonas is àirde, agus mo
ghlòir is mo. Cha b' urrainn gu bràth uile thairn-
eanach Shinai, cha b' urradh gach uamhas ata 'n
ifrinn, buaidh co-iomlan f haotainn air mo chridhe
cruaidh, agus a thoirt a chum umhlachd co mòr,
'sa rinn do ghràdhsa, O losa ! 'Se so a cheangail
mo chridhe ri d' theisteis, agus ata toirt air mo
chosan ruith gu dian ann a d' sheirbhis. " Beann-
uicli an Tighearna, O m'anam! agus beannuich-
eadh gach ni tha'n taobh stigh dhiom ainm
naomha. Beannuich an Tiglieurna, O m' anam !
agus na di-chuimhnich uile thiolacaibh."
II. Tha fulangais Chriosd na bhrosnachadh
cumhachdach achumnaomhachd, dobhrigh gu'n
d' rinn e le fhulangais agus a bhàs rèite ri Dia.
C'àite is urrainn naomhachd anTighearnabhiair a
thaisbeanadh nis mò n'an so ? No leud agus
tinnead an lagha ni's soiUeireair f hoillseachadh?
C'àite am faic sinn gràinealachd a pheacaidh air
f hoillseachadh air seol ni's uamhasaich ? No c'-
àite am faic sinn nis soilleire an dioghaltas ata
feitheamh air gach neach a bhuanaicheas ann ?
" Oir ma rinneadh na nithe so ris a chrann
ùr, ciod a nithear ris a chrìonaich ? Ma chaidh
dioghaltas uamhasach a ghabhail air peacaich
ann am pearsa aon Mhac Dhe, cia amaideach an
ni smuaineachadh gu 'n d' theid iadsan as a
bhuanaicheas ann ! Am bheil sinn 'ga fhaicinn
an crochadh air crann, maran iobairtan*an robh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence