Skip to main content

‹‹‹ prev (397)

(399) next ›››

(398)
368 BÀS
LATHA A' BHAIS [342]
Bha dèidh mhòr aig na daoine dh'fhalbh air aimsir mhath aig bàs agus
aig tòrradh duine. Bha e 'na chomharradh math na siantan a bhith
rèidh aig an am sin. Bha dà adhbhar air a seo. Ma bha sith air talamh
bha e 'na chomharradh gun robh sith air nèamh agus faoilte romh anam an
neach a dh'fhalbh agus gun robh Righ nan dùl rèidh ris agus a dhà ghàir-
dean treubhach fein sgaoike gu glacadh an anam shiorraidh dhachaidh
thuige fein. Agus ma bha sith air fonn agus air fearann bha e toir cothrom
do chairdean agus do dhàimhich tighinn chon an tòrraidh agus slàn
fhàgail aig a' chorp anns an uir nàdarra agus an uaigh nan athraichean.
Ma bha na siantan dona bha e 'na chomharradh gun robh fearg air
Righ nan dùl. Agus bha an droch shian a' cumail cairdean agus dàimhich
gun tighinn chon an tòrraidh.
Ma bha an latha fliuch no ceothach bha e 'na chomharradh gun
robh Righ nan sian a' sileadh feirg air an talamh. Ma bha an latha dubh
dorcha doineannach bha e sealltainn gun robh Dia dùileach nan diil a'
dòrtadh fearg dhubh a bhròin air anam an fhir a dh'fhalbh. Ma bha
latha sneachd ann bha seo 'na chomharradh gun robh fearg gheal Dhe
air an anam bhrùite chaidh a null thar abhainn dubh a' bhàis.
^^^Sj^^HA fearg dhubh Dhe nan dùl
Air anam na mùìg a' falbh ; [nam mug
Tha fearg gheal Righ nan reul
Air anam nan cleite balbh.
Tha fèith nan eun air muir 's air tir,
Tha sith air frith 's air cluan, [air ce
Tha fiamh a' ghàire 's fait an Righ
Dh'an dibleach shios air chuan.
Latha sith agus sonais
Latha solais mo bhàis ;
Làmh Mhìcheil dha m'iarraidh
Latha geal grianach mo shlàint.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence