Skip to main content

‹‹‹ prev (383)

(385) next ›››

(384)
354 DÌON OIDHGHE
CO caol agus fìnealt agus daithean co glan grinn agus aodach co brlagh
snasail agus a chitheadh sibh le bhur sùil.
A Rìgh na gile 's na grèine, is iomadh atharrachadh a thàinig air an
dùthaich ri mo linn fèin. Is cuimhne liomsa dar a bhiodh daoine na
dùthcha dol chon na hOda ann an Aird Mhìcheil latha na FèiU Mìcheil.
Bha mi fhèin ann aig an Oda turas agus turas ; agus is ann an sin bha
an sealladh sluaigh ! Daoin as gach beinnd agus baile, mòinteach agus
machair, eilean agus rudha san dCithaich, agus an saoghal fhein a dh'eich !
Cha robh fhios co ast a thàinig iad no co ast a bha iad a' tighinn. Cha
robh fo ghrein ghil nam buadh. O a Mhoire nan gràs, an latha gràdhach
a bh'againn an sin ! le marcachd agus cuartachadh agus carraideachadh,
le cùlagan agus currain, le fàilteachadh agus le furain dhaoine !
Agus oidhche na Feill Micheil ! B'i sin an oidhche shòlasach an Uibhist !
Bal agus dannsadh, ceòl agus òrain, beòir agus uilim an ceann gach ursann.
Agus na falachain aig a' chlann nighean ! agus gun fhios fo'n ghrein cuin
no càit an d'fhuair iad na currain — cha robh fios !
EANNAICH, a Dhe, dh'an teine,
Mar a bheannaich dh'an Òighe ;
Beannaich, a Dhe, dh'an teallach,
Mar a bheannaich dh'an Domhnach.
Beannaich, a Dhe, dh'an chuideachd,
Mar a thubhairt ìosa ;
Beannaich, a Dhe, dh'an bhuidhinn,
Mar bu chubhaidh dhuinn iobradh.
Beannaich, a Dhe, dh'an taigh,
Beannaich, a Dhe, dh'an teine,
Beannaich, a Dhe, dh'an tulach ;
Bi fein 'nat urradh dhuinne.
Beannaicheadh Ti nan dùl,
Beannaicheadh Criosda cùmh,
Beannaicheadh Spiorad Nùmh
Gach ùn agus gach uile,
Gach ùn agus gach uile.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence