Skip to main content

‹‹‹ prev (367)

(369) next ›››

(368)
DÌON OIDHCHE
BEANNACHADH TÀIMH [331]
Beulaiche : Dùghall Mac Amhlaidh, coitear, Hacleit, Beinne Bhadhla
HÈ, beannaich dhomh 'n rè ta os mo chionn,
Dhè, beannaich dhomh 'n cè ta fos mo bhonn,
Beannaich dhomh fèin mo chèile 's mo chlann,
'S beannaich, a Dhe, dhomh fein ta air an ceann ;
Beannaich dhomh fein mo cheile 's mo chlann,
'S beannaich, a Dhe, dhomh fein ta air an ceann.
Dhe, beannaich dh'an ni dh'a bheil mo shùil,
Dhe, beannaich dh'an ni dh'a bheil mo dhùil,
Beannaich, a Dhe, dha m' cheill agus dha m' run,
Beannaich, O beannaich fein, a Dhe nan dùl ;
Beannaich, a Dhe, dha m' cheill agus dha m' run,
Beannaich, O beannaich fein, a Dhe nan dùl.
Beannaich dhomh caimhleapach mo dhàimh,
Beannaich dhomh làimhseachadh mo làimh,
Beannaich, O beannaich, a Dhe, dhomh caimeachadh mo
chaim,
'S beannaich, O beannaich dhomh aingleachadh mo thàimh ;
Beannaich, O beannaich, a Dhe, dhomh caimeachadh
mo chaim,
'S beannaich, O beannaich dhomh aingleachadh mo
thàimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence