Skip to main content

‹‹‹ prev (289)

(291) next ›››

(290)
26o CROIS CHRÌOSDA
AN CEUSADH
Am BaLG SÈIDIDH
O — Dhomhnallaich, banacheard, Baile Mhic Nill, Barraidh
An deidh daibh Criosda chur ris a' chrois thug iad ma-near nach robh
tairrnean aca a chuirte ris, agus nach mutha bha balg aca leis an seidte
an teine chon an t-iarann a bhruich a chon tairrnean a dhèanamh. Cha
robh fios fo'n ghrein ghil 'd è theirte na dhèante arms an trilleach a bh'ann.
Ach thog a' bhanacheard a sguird agus sheid i an teine, agus bhruicheadh
an t-iarann, agus rinn an ceard na tairrnean le'n do thairrnicheadh Criosda
ris a' chrann cheusda. Is ann a sin a thubhairt losda Criosda Mac an De
bheò agus bhiothbhuan shuas air a' chrois ris a' bhanacheard shios aig a'
bhonn, ' Bithidh tus agus do sheòrsa bho hnn gu Unn, bho shaoghal gu
saoghal, a' siubhal slighe agus a' falbh fàsaich, gun tàmh oidhche gun fois
latha, an leas do làmh agus an sgàth do ghniomh.'
Cha choir comhnadh le olc na toir le droch ghniomh ge do dh'iarrte
oirnn agus ge do reachadh againn air ; cha choir idir (ars an seanchaidh).
An Ceard
Dar a bha Criosda 'ga chur ris a' chrann cheusaidh, leis a' chabhaig
dhlochuimhnich na hludhaich dhubha tarraigean a chur air dòigh,
Chaidh iad far an robh an gobha agus dh'iarr iad air tarraigean a dhèanamh
a chum làmhan agus casan an tSlànaigheir a thairrneachadh ris a' chrann.
Ach dhiùlt an gobha tarraigean a dhèanamh air son a leithid sin a ghnoth-
ach. Chaidh na hludhaich an sin far an robh an ceard agus dh'iarr iad
air a' cheard tarraigean a dhèanamh a chum làmhan agus casan an
tSlànaigheir a thairrneachadh ris a' chrann. Rinn an ceard an obair
mar a dh'iarr na hludhaich air, agus thairrneachadh làmhan agus casan
Chrlosda Slànaighear nam buadh ris a' chrann cheusda. Is ann uaidh
seo tha meas agus urram air a' ghobha agus dlmeas agus tarcais air a'
cheard a measg dhaoine, agus is ann uaidh seo a sgaoileadh agus a sgapadh
sliochd a' cheaird thai! agus a bhos feadh an t-saoghail mhòir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence