Skip to main content

‹‹‹ prev (251)

(253) next ›››

(252)
ÒRAGHAN BUADHA
Cha dèan sluagh,
Cha dèan saobh,
Cha dèan sìodh,
Gha dèan saoghal
Tailm na tabhaill,
Sleagh na saighead,
Tuagh na tarrainn,
Clìc na claidheamh,
A dhrùidheas ort,
A chuireas riut,
A dheargas tu,
A dh'fhoghnas dhut.
Cha dèan gobha,
Cha dèan ceard,
Cha dèan clachair,
Cha dèan saor
Beart na ball,
Arm na inneall,
Uigheam na uirlis,
Dealbh na innleachd,
Copair na cloiche,
Umha na iaraìnn,
Fiodha na fionndrain,
Òir na airgid,
A chiallas tu,
A dh'iadhas tu,
A riabas tu,
A shrianas tu.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence