Skip to main content

‹‹‹ prev (195)

(197) next ›››

(196)
i66 AGHAN NAN NAOMH
DOMHALL DUBH AGUS PÀDRAIG
Ann an toiseach an t-saoghail bha tuathanach a seo sa Chaolas (Caolas
Bhatarsaidh) ris an canadh Domhall Dubh. Anns an am sin bha iad a'
cumail Latha Feill Pàdraig 'na latha feille. A' bhliadhna bh'ann bha
an latha romh Latha Feill Pàdraig grathail le gaoith agus gaillinn, le
sneachd agus flithneadh. Bha Domhall Dubh gàbhaidh cruaidh agus
daolaire dòbhaidh. Thubhairt Domhall Dubh r'a ghillean, ' Bheir mi
drama dhuibh an diugh agus cumaidh sinn Latha Feill Pàdraig an diugh
agus theid sinn a màireach a dh'obair.' Mar a thubhairt rinneadh ;
chum iad an latha naomh an latha romh 'n am. Chaidh iad a chadal
an oidhche sin ; agus is e bu chiall dusgaidh dhaibh ann an glasanaich an
latha Domhall Ruadh mac peathar Dhomhaill Dhuibh ag eibheach agus
ag achan gun robh an saoghal 'na lasraichean tein-adhair agus tairn-
eanaich. Thug e an èibhe cruaidh dha na gillean, ag ràdh,
' Chualadh Pàdraig Domhall crion Dubh,
Is mios an latha 'n diugh na 'n de ;
Co mor 's gun chunntadh dha do ni,
Is beag do phris an taigh Mhic De.'
Leum Domhall Dubh a leabaidh agus chaidh e air a dha ghlùn air
urlar a thaighe agus ghuidh e mar nach do ghuidh e riamh roimhe na 'na
dheoghaidh agus thubhairt e,
' A Phàdraig, chuir mi ort fearg,
Facail chearbach thuirt mi 'n de ;
Fiach an dian thu achan ri Dia
Gun mo chur a phian d'a reir.'
NAOMH BRIANAN
La Brianain chaidh an duine a threabhadh ann an lagan beag
bòidheach far nach faiceadh e duine agus far nach faiceadh duine e.
Ach chunna Brianan e agus thugadh dachaidh dall an duine. Is ann bho
sin a tha an seanfhacal, ' Chan fhaiceadh Brianan e, — chan fhaiceadh
Brianan priobadh dheth,' le cho falaichte fad as agus a bha an t-àite.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence