Skip to main content

‹‹‹ prev (151)

(153) next ›››

(152)
ACHAN NAN NAOMH
Tighinn ann do làthair,
Àrois na mine,
Tighinn ann do làthair,
A dhachaidh na sithe ;
Tighinn ann do làthair,
Àilleagain nan neul,
Tighinn ann do làthair,
Àilleagain nan reul ;
Tighinn ann do làthair,
A Mhàthair an dubh bhròin,
Tighinn ann do làthair,
A Mhàthair Dhè na glòir ;
Tighinn ann do làthair,
Òighe nan ìsleach,
Tighinn ann do làthair,
A Mhàthair ìosda Crìosda ;
Ri caoidh agus ri bròn, [bùir
Ri òir agus ri achan,
Ri tùrs agus ri deòir,
Ri Ob agus ri asladh ;
Gun seachnadh tu orm
Nàir agus masladh,
Gun seachnadh tu orm
Tàir agus masgal ;
Gun seachnadh tu orm
Bròn agus tuireann,
Gun seachnadh tu orm
Dorainn shuthain ;
Gun comhnadh tu m'anam
Air rathad an Righ,
Gun comhnadh tu m'anam
Air casair na sith ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence