Skip to main content

‹‹‹ prev (307)

(309) next ›››

(308)
264 OIBRE
HO HOILIGEAN, HO M' AIGHEAN [96]
UDAIL thu 's thu dh'an chrodh mhara,
Chra chluasach, bheum chluasach, bheannach,
Chrathadh fual air cruach do sheanar,
'S cha tar thu uam-s' a Luan no Sha'urn.
Ho hoiligean, ho m' aighean !
Ho hoiligean, ho m' aighean !
Ho hoiligean, ho m' aighean !
Mo lochruidh chaomh gach taobh an abhuinn.
Eudail thu 's thu chrodh na tire,
Bheir thu marrum, bheir thu mis dhomh,
Bheir thu bainne barr na ciob dhomh,
'S cha b' e glaisle ghlas an t-siobain.
Ho hoiligean, ho m' aighean !
Eudail thu 's thu chrodh an t-saoghail,
Bheir thu bainne barr an fhraoich dhomh,
Cha bhainne glas air bhlas a chaorain,
Ach bainne meal 's e air cheal na faoileig.
Ho hoiligean, ho m' aighean !
Bheir Bride bhinn dhut linn us ograidh,
Bheir Moire mhin dhut li dha d' chomhdach,
Bheir Micheal liobha dhut ri dha d' sheoladh,
S bheir Iosda Criosda dhut sith us solas.
Ho hoiligean, ho m' aighean !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence