Skip to main content

‹‹‹ prev (1)

(3) next ›››

(2)
Tè de nigh'na dualach Iàcoib
Anns an teach, a snìomh, 's a seinn :
Taobh a teallaich, ris an lòchran,
Ghabh i 'chuigeal ghleusd' 's an dòrnaig,
Thoinn i 'n lìon ri fonn a chrònain —
Oh, bu gheal a làmhan mìn !
Tearuinte, fo dhìon a' Bhaideil,
Ann 'n an suain bha càch 'n an cadal,
Ach cha dual gu 'm b' obair fhadail
A bh' ann dh' ise, 'snìomh an lìn.
Chì mi 'n Camp 'n a luidhe sàmhach,
Sìth a rìoghachadh 's gach pàilliun,
Neul na glòir a' cumail sgàile
Mar a b' àbhaist os an ceann ;
Eiridh tric an sealladh glòrmhor
Air mo chrìdh' le neart a's sòlas,
'S tric a thig an duanag cheòlmhor
Thairis orm, le fonn nan rann : —
AN T-ORAN.
Oh, 's aoibhinn an obair leam 'snìomhadh an lìn,
Cha dragh leam, ach sòlas, a toinneadh gu grinn,
Oh, 's beannaicht' mo chuigeal, is beannaicht' mo làmh,
'S i obair Iehòbhah dhomh 'snìomhadh an t-snàth :
D '•.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence