Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
39
Tha gùn de 'n mhusalin chlòigh' oirre,
Rud ùr mhullach gu bròig oirre ;
A ciabhan caisreach m' à leth-cheanna maiseach
'S iad slìomte le as-bhrigh nan ròsanan !
Gur cruinn o'n chrios chum à bòthain i !
Gur cuimt' à broilleach geal sòlasach !
A cùl 's à h-aghaidh air chumadh ion-raghaidh,
'S i, mar ri sin, ladhach gu còmhradh rith'."
Raon. " Ach, saoil thu, Ailein, an òl i deur ?
Tha h-aodunn tuille 'us ròsach leam."
AU. A Raonuill, fuirich, le d' sgeigealais ghuinich,-
Tha fios nach eil uireasabh fòghluim oirr'."
Raon. " Tha cainnt 'us gaise gu leòr aice ;
Ri cèard gu'n cumadh i cònsachadh ;
'S co-nimheil à teanga ri gòbhlaig na nathrach ;
Gur mise a dh' fhairich 's a chòmhdaich e.
Gur gnàth le banaig de 'seòrsa sin, —
Tha gaoid 's an ubhal ge bòidheach e,
Gabh uamsa sanuis, 'us seachainn i, Ailein,
No gabhaidh tu aireachas sònraichte.
Ge riathach Anna Nic Dhònuill leat,
Gabh sios, 'us farraid am pòs i thu,
'S i màthair cloinne a's glice 's a's gloine
(A dh' aindeoin à loinne) na gròbag ud."
Ail. " A Raonuill, beannachd 'us tròcair ort,
A chionn na thug thu dhe d' chòmhradh dhomh,
Gu'n chuir thu as m' aire buinn bhuidhe na caillich,
'Us maise na caileige stòpanaich.
Ge riathach Anna Nic Dhònuill leam,
Mo riar gu'm fanaid mi 'm pòs i mi ;
'S i raàthair cloinne a's glice 's a's gloine
(A dh-andeoin à loinne) na dòduman !"
Eagar.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence