Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
22
'S dearbh gur fior an ailis
Air mo leannan briig'' —
Bhris i air à bòid —
Phòs i am fear spre'idh !
Eaoar.
14.— CUMHA CHRUACHAIN.
Tha 'n Cruachan gu dubhach,
A' cumhadh nan uaislean ;
'S tiamhaidh torman a shruithin,
A choilltean th' iar dubhadh,
Agus 'eunlaidh fo phuthar
An dubhar a bhruachan !
Ann am Prìoraid Aird-chatain
Tha 'mhaca 'nan suainich,
Fo ste'igh nam mùr liatha
D'an e'ideadh an ia'-shlat,
'Us cuiseagan cianail
'Sileadh dhiar air an uaighean.
Cd 'dhìreas a Làirig
De na b'àbhaist a chuartach !
Tha Gleann-nodha gun àiteach,
'S an I^eitir 'nà fàsach,
'S am fàrdaichean blàtha
'N an càrnaichibh fuara !
Cha-n eil pìob air na Casain,
No bratach a' giuasad ;
Agus Caol-churn nan glas-stuadh
Ag aomadh 's a' brachdadh,
'S a dhaoin' anns a' Chlaclian,
Fo ghlais nan clach fuara.
O'n ghiorraich air m' anail,
'S a dh' f hannaich mo ghhiasad,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence