Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
16
Ach, ged rinn an cuan ar sgaradh,
'S ged theid bliadhnai cianail tharainn ; —
Gus an sgar om' chom an t-anam
'S leat mo ghràdh, a IMhàiri Anna.
Cruachan.
9,— AN T.OIGEAR UALLACH.
Fonn — " An Gillc guanach."
'S E *n t-òigear uallach
A sheòl thar chuan uainn
'Rinn m' fhàgail truagh dheth,
'S a luaisg mo chrìdh' :
A fhleasgaich uasail
An leadain dualaich,
Tha mi fo ghruaim
O'n a dh' fhàg thu 'n tìr !
Ged thig an Samhradh
Le 'thrusgan greannar
A sgeadach ghleann agus bheann le 'litli,
Cha tog e fonn
Air mo chridhe trom-sa;
Tha 'n saoghal lom leam 's mo shonn am dhìth !
Cha b'ionann m' àbhaist
An uair bu ghnàth leam
Bhi 'n glaic mo ghràdhaich air sgàth na frìth !
An duilleach uaine
'Na sgàil mu'n cuairt duinn,
*S a thrusgan snuaghar mu bhruaich a' ghlìnn.
An coireal ceòlmhor
Air feadh nan cròchd-mheur,
'S an t-eas, gu bòidheach, a' dòrtadh stìll ;
An crodh air àilean.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence