Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
10 DAN AN DEIRG.
Dearg. — " Le tiilgadli tuinn' air mo luasgadh,
105 Bha mis' an oidhcli' fhuar sin gu latha ;
Seachd gealaich ('s gach aon mar bhliadhna)
Le 'n tràghadh 's le 'n lìonadh chaidh tharam.
Chaith mi 'n là ri mànran ciuil,
Ag èisdeachd nuallain thonn a 's ian ;
110 'S an oidhch' an tiamh-chòmhradh thaibhse,
'G èala' 'm fòill air eoin na tràghad.
'S neo-ghrad 's an àite so ghrian,
Is mall-cheumach triall na gealaich ;
A rìgh, a Chumhail, cha b' ioghnadh
115 Ge b' fhaide gach mìos na bliadlma ! —
Ach ciod so aobhar ur bròin ì
Chi mi ur deoii' a' sruthadh ;
An e mo sgeul truaghs' a dhùisg iad ?
Is cruaidh leam gur cùis is dubhaich —
120 Nach beò Cri-mora mo ghaoil?
Og-bhean chaoin, tha mise dubhach,
Bho chunnas thu seòladh nan nial,
A dh'iadh mu sholus na h-oidhche,
Tra dh'amhairc i nuas romh 'n fhrois
125 Air gnùis fhoisnich na doimhne.
Chunnas i air chaochladh dreach,
'S a ciabha clearc a' sileadh dheur ;
Dh' aithnich mi cruth mo ghaoil,*
'S an t-aobhar o'n chuan mu'n d'èirich.
* * * *
130 Nach truagh leat mis', a Chrì-mora 1
* Al. — "Bha 'n aileachd na gruaidh raar sgriodan caochain,
Tra sgaoileas e 'm feadan feuraich,"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence