Skip to main content

‹‹‹ prev (346)

(348) next ›››

(347)
54&
Falbhaidh mise nis a shealg,
Don uaimh dhearg fo Ghleann Smeoiv;
Coimhead thusa charaid ghraidh,
Cabhair mo mhna sa cuid oir.
Air fhaidead 's ga 'm bi mi muigh,
Na coidil 's na crom do cheann ;
Na leig duin' idir a steach,
Na neach a mach do na th-ànn;
Choidil an sin an t-oglaoch mòr,
As thainig oglaoch eile steach;
Le ceuma cabhaig ghabh e suas,
S do mhnaoi a ghruagich thug se pog.
Dh'eirich Gile-bhain 'n sin a nuas,
Spionadh leis gu cruaidh a cheann ;
Eirich as a sin gu luath, luath,
Ma tha thu 'd shuain cha b^e 'n t-am.
Mur bithinnu am shuain gu mòr,
Cha leiginn dhosan teachd a steach ;
S ni mo leiginn duine mach,
Gùs 'n tigeadh Gruagach Dhun an òir.
Dh'eirich an sin an t-oglach mor,
'S do chois an doruis gun shuidh se,
Cha d'rinn gobhainn, ceard, no saor,
Comhla bu daingne na' n laoch borb.
Dh'eirich a Ghruagach a fis,
'Sa lann liobhar na dheas laimh fein ;
Eirich as a sin oglaoich mhoir,
Cha 'n aite coir 'n do shuidh thu fein*

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence