Skip to main content

‹‹‹ prev (339)

(341) next ›››

(340)
358
Ach 'sann mu thuath tha'n truaghan bronach ;
C'air son nach d' fhuair sibh leithid Mhic Griogair,
'N aite bhriogair ud Mhic DhonuiU.
Ged a thuirt iad riut Mac Mhathan,
Cha mhor do 'n mhathas tha riut fuaighte ;
Tha thu ann ad phearsa biogach,
'S tha do chridhe spiocach truaiUidh ;
Chuir thu orm fad latha maille,
A chridhe na faille 'sa 'n duaircis ;
'S mo mheas a rithisd mar dhiol deirce,
'N ait' mi fhein bhi riut cho uasal.
Cha d'rinn mis' mi fhein a nochdadh,
Mur dhuine bochd riut-sa thruaghain ;
'Sann a ghlaodh mi air a bhotal,
'Sa phaigheadh as mo stochd gu h-uasal:
'Sa 'n uair bha thusa 'g ol na deoch ud,
Gheall thu le sodal bhi suairce;
Ach an uair bha t-ainm r'a sgriobhadh,
Leig thu air dìochuimhn na fhuair thu.
A mhial chartain 'sa phartain spagaich,
'S mairg aite dh'araich riamh thu :
Thaoghain ghrqid bhrein an òtraich,
Gur th'ann diot tha 'n tòchd ro fhiadhaich:
*S tu mhial-mhoine 'sa 'n dearc-luachrach,
'S tu 's taire 'sa suaraich dp na biasdan:
A chorr-losgann ghon an t-sapghail,
'S na 'm faodadh tu gu 'm b'e do mhiahn e.
'S tu nrfiial iongnach 'sa 'n sèillein,
t *S tu bòguis eitidh an droch fhàilidh.
. 'S tu a mhuc a's broc na breine,
'S tu 'm fìtheach nach d'thug sgeul do'n airce:

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence