Skip to main content

‹‹‹ prev (299)

(301) next ›››

(300)
m
Nach faìc thu oigeìr na 'm meall shuil boidhòb,
Le theangaidh leomaich, 's e labhairt rium ;
Mur mhil a phògan air sgathan reota,
Le chorra-cheann spòrsail an or f huilt duinn ;
Chlann na eisdibh, ri 'n gloir gun eufachd,
'S na tugabh geill d' a 'n smèadadadh sul ;
'S gur h-aobhar reusain choidhch àn treigsinn,
'S ann aca fhein tha gne na 'n lub.
Oran gaoil.
A CHUACHAG na 'n craobh, nach truagh leat mo
chaoidh,
'G osnaìch ri oidhch cheothar ;
Shiubhlainipj% m' ghaol, gu urlar na' n craobh,
Gun duin, i^i'r an t-sapghal fheoraich ;
Thogainn mo ghaol ri monadh an fhraoich,
Mo leaba ri taobh dòruinn,
Do chrutha geal caomh sinte ri m' thaobh,
'S mise ga d' chaoin phogadh.
Chunnaic mi fein, aisHng 's cha bhreug,
Dh' fhag e mo chridh bronach ;
Fear marr-ri te a pògadh a beuì, *
Briandail an deigh posaidh,
Dh' uraich mo mhiann, dh' atharaich mo chiall,
Ghuil mi gu dian deonach ;
Cha robh cuisle no fèith, 'n uachdar mo chleibh,
Nach do bhrosnaich gu leum comhluath.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence