Skip to main content

‹‹‹ prev (258)

(260) next ›››

(259)
257
Gur beag do thoil-inntinn,
Do gach ni th' agad fein,
'Nuair a phaigheas tu deacha',
Air son t-each anns an eill,
Gur daoire na 'm màl,
H-uile càin th' ann ad dhèigh.
Ho ro ho, &c.
Tha sannt agus farmud,
Ri anabarr d* ar call,
Mar gu 'm biodh fear fradhairc,
A bruidhinn ri dall,
'N sgeul a dheanar le barail,
Tha e anabarr meallt,
Tha e duiHch rì chunntas,
Co dhiu bhios ann.
Ho ro ho, &c.
'Nuaira ghineadh ar nàisinn,
O Adhamh a's o Eubh,
. Bha sinn uile n-ar braithrean,
'S n-ar cairdean d'a chèir,
Kinn an saoghal ar buaireadh,
'S ioma truaigh tha n-ar dèigh,
Rinn am peacadh ar mealladh,
'S tha e leanailt a,n trèud.
Ho ro ho, &c.
Nach bòidheach am fiamh,
Tha air ianlaidh nan speur,
Ni 'n leaba 's an f hasgath,
'S ar) ceann taisgte fo 'n sgèith,
Tha iad toiHcht na 'n nadur,
Le 'n talanta' fhein ;
n
i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence