Skip to main content

‹‹‹ prev (246)

(248) next ›››

(247)
245
O *n chuir sinn ar daoine,
Taobh ri taobh fo na leacan ;
B' iad nach fèileadh 'sa mhàl sinn,
Ach bheireadh dàil duinn a's meachuinn,
'S ioma teaghlach 'n d' theid sgaoileadh,
O 'n ghlaodhadh sibh dhachaidh.
'S ioma rusgadh th' air t-fhearunn,
O 'n a dh' fhalaich am fòid thu,
A^MS factairean Honar,
Chuir gach cis ann am mòid oirnn ;
Ach na 'm biodh tu mairionn,
"S gu mealadh tu chòir ud,
Dh' aindeoin islean a's uaislean,
Cha ghluaiste ri m' bheò mi.
'S trom an sachd so th'air m' aigne,
Mu mharcaich deas nan each gleusda,
O 'n chuireadh thu 'n tasgaidb,
An cistidh ghlaist' fo na cèudan,
Tear t-euguis cha n' fhaic mi,
Là clachain no fèiUe,
Bu ghuala threun thu measg mhiltean,
'S thu cho shlobhalt ri maighdinn.
Bu bhluth an ceann tuath' thu,
Ged bu chruaidh thu 'n tir nàmhaid,
Ach a Dhe gabh truas dinn,
Sinn mar uain bliiodh gun mhathair,
'Nuair a dh' eireadh tu suas leinn,
Co bhuaileadh le tair sinn,
T-aon leithid cha leir dhomh,
Nis gu lèir am measg Ghaidheal.
Ach 's e sgeula na dunaidh,
Dhuinne ullach4 'sa thriall thu,
Q 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence