Skip to main content

‹‹‹ prev (187)

(189) next ›››

(188)
186
O *nthainig an solus,
Thogas onoir na h-Alba,
Fhir a sgaoil a mhuir ruagh,
'Sa-thug fuasgladh do dh' Abram,
Bi mur gheard air a Phrionnsa,
Air a chuirt 's air a phairtidh.
Oran do dh' Alasdair Mac Colla ; — Le
Diorforguill N' 'Ic a-Bhriuthain bh'ann an Luinn
an Lathurn-iochdrach.
Alasdair a laoigh mo cheille,
Co chunnaic no dh' fhag thu 'n Eirinn,
Dh' fhag thu na miltean 's na ceudan,
'S cha d' fhag thu t-aon leithid fhein ann,
Calpa cruinn an t-siubhail eutruim,
Cas chruinneacha' 'n t-sluaigh ri cheile,
Cha deanar cogadh as t-èugais,
'S cha deanar sith gun do reite,
'S gar am bi na Guimhnich reidh riut,
Gu *n robh an righ mur tha mi fhein duit.
E ho, hi u ho, ro ho eile,
E ho, hi u hO; 's i ri ri u,
Ho hi u o, ro ho o eile,
Mo dhiobliail dith na 'n cinn fheadhnaidk
Mo chruit, mo chlarsach, a's m' fhithioll,
Mo theud ciuil 's gach ait am bithinn,
'Nuair a bha mi og 's mi 'm nighin,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence