Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
148
Mo chreach Tearlach Ruagh boidheach,
Bhi ga dhiteadh aig Deorsa na 'm biasd ;
B'e sud dìteadh na còrach,
An thirinn 'sa beoil foipe sios ;
Ach a Righ mas a deoin leat,
Cuir an Rioghachd air seol a chaidh dhìnn,
Cuir Righ dhgheach na còrach,
Ri linn na tha beo os ar cinn.
Mo chreach armailt na 'm breacan,
Air an sgaoileadh 's air an sgapadh 's gach ait,
Aig fior bhalgairean Shasunn,
Nach no ghnathuich bonn ceartas na 'n dail ;
Ged a bhuannaich iad bàiteal,
Cha b'ann da 'n cruadal na 'n tapadh a bha,
Ach gaodh niar agus frasachd,
Thigh'n a niar oirnn bhar maghair na 'n Gall.
'S truagh nach robh sinn an Sasunn,
Gun bhi cho teann air ar dachaidh sa bha,
/S cha do sgaoil sinn cho aith-ghearr,
Bhiodh ar dichioll ri seasamh na b' fhearr ;
Ach 's droch dhraoidheachd a's dhrachdan,
Rinneadh dhuinn mu 'n deachas na 'n dail,
'Air na fridhean eolach do sgap sinn,
*3 bu mhi-chomhail gu 'n d' fhairtlich iad oirnn.
Mo chreach mhor na cuirp ghlè-gheal,
Tha na 'n sìneadh air na sleibhtean ud thall,
Gun chiste gun leintean,
Ga 'n adhlacadh fhein anns na tuill ;
Chuid tha beo dhiu 'n deigh sgaoileadh,
'S iad a bruiche a chèil' air na luing ;
Ehuair a Chuigs' a toil fein dinn,
'S cha chan iad ach reubaltaich ruinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence