Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
B6
Gun fhios nach ann 'sa bhuireadh,
Air thus tliig do mhearan ort ;
Ma theannas tu ri buirich,
Ri uinich na langanaich ;
Rinn Dia dhiot creatair fiadhaich,
Ro fhiamhach gu carachadh.
Ach 's beag bu choir a dh' fhear do chail
Bhi labhairt an cas batailte,
Gar am faiceadh tu do namhaid,
Ach air fuir gu 'n starta' tu ;
'S ann thugar caileachd anns a chas ud,
Barr air ghearr na 'm machraichean ;
Gu 'm foghnadh aon lasag fhudair,
Chur sgeimhle dluth fo 'r casansa.
Duin do bhile 's gun thu t-fhilidh,
Tog do d' learan spaglainneach ;
Phocain ghiorraich thoir ort pilleadh,
Tha 'n torc nimhe bagradh ort ;
Tha saod millidh air do chinneach,
Mu 'n fhine ud a thachair riut ;
Gur mairg bheir cuilgein as a spiolainn
'N am bhi sireadh sabaide.
Ach 's olc a bhagair thu cho ghorach
Air an leoghunn againne ;
Creatair aigionntach tha sonruicht
Ri uchd gleois nuair thachradh e ;
Lean luaidh larach anns gach cas leis,
Mur b' aibhist 's bu chleachda leìs ;
Gu maoimeadh feidh na h Alba,
Roimhe charbad na n caiste air.
'S tric a theich roimh d' dheudacb
Nacreataireaa bu churaistich ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence