Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
A sheòldairean agus a sJiaìghdeirean
Gaìdhealach !
Ann an ainm an Tighearna losa Criosd, Prionnsa
na slthe, tha sinn a' cur fàilte oirbh.
Mar chinn-suidhe thri eaglaisean a tha searm-
onachadh an t-soisgeil anns a' Ghàidhlig, dh'-
iarradh sinn a dheanamh dearbhta dhuibh gu
bheil ùrnuighean ar coimhthionalan a ghnàth a'
dol suas as bhur leth. Gu 'n robh Dia 'n a sgiath
dhuibh ann an la a' chunnairt, a' tabhairt duibh
foighidinn agus neart an làithean feithimh agus
faire, buaidh ann an la a' chatha, agus gu 'n
gabhadh e thuige fein sibh an uair a' bhàis ! An
lorg bhur fulaqgais agus bhur fein-iobradh gu 'n
robh sith le ceartas air a steidheachadh air an
talamh, an ùin gun a bhi fada !
Cha 'n 'eil ceàrna de 'n t-saoghal air nach do
dhrùidh fuil uasal nan saighdeirean Gàidhealach,
anns na làithean a dh'fhalbh, 's iad a' cathachadh
as leth righ agus dùthcha. Thug sibh dearbhadh
mu thràth, anns a' chogadh so, gur mic sibh a tha
airidh air cliù bhur sinnsireachd. Tha sinn a'
toirt buidheachas do Dhia air bhur son. Ma

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence