Skip to main content

‹‹‹ prev (82)

(84) next ›››

(83)
Crann-Ceusaidh Chriosd
an anam, neo-fhaicsinneach, agus am masladh a
tha 'n a lorg, mar as trice, glè fhollaiseach : — agus
do bhrigh gu bheil a leithid de bhuaidh aig
eiseimpleir air ar nàdur ; — tha e feumail gu
faigheamaid sealladh air an onoir a chuireadh air
a' chuspair so, a dh'armaicheadh sinn an aghaidh
droch eiseimpleir nan as-creidmheachmhi-cheilHdh.
Tha crann-ceusaidh Chriosd cho neo-choim-
easach ann an soillse, is gu bheil e air a thaisb-
eanadh cuartaichte le glòir am fianuis uile chinn
eich na talmhainn, agus am fianuis iomlanachd na
cruitheachd, seadh, am fianuis uile ghinealachaibh
nan aimsir, agus uile Hnntean na siorruidheachd.
Cha do Hon na h-euchdan bu mhò a rinneadh
riamh air an talamh, le an soiHse agus le am
buaidh, ach plathadh d'a thìm, agus earrann bheag
de'n chruinne. Tha deàrsadh soiHse a' chuspair
mhòir so a' Honadh uil'-fharsuingeachd na cruith-
eachd agus na siorruidheachd. Ma ghabhas sinn
beachd ceart air a ghlòir, chi sinn gur cuspair e
tha glacadh aire, a' sgaoileadh a mach cumhachd,
agus a tha 'n a bhah-amhairc do na h-aimsirean a
chaidh seachad, do'n aimsir tha làthair, agus a tha
ri teachd : — do neamh, do'n talamh, agus do
ifrinn ; — do aingHbh, do naoimh, agus do
dheamhnaibh : Chi sinn gur cuspair e tha
75

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence