Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
tachadh le so, ma tha iad dearbhta 'nan cridhibh
fein gu bheil iad aineolach — agus neo-iomchuidh.
2. Thugadh parantan fanear, gu bheil iad a mi-
naomhachadh ordugh a bhaistidh, 'nuair a tha iad
a dol air an aghaidh 'ga ionnsuidh gu h-an-dana, Tha
duine a dol air aghaidh gu h-an-dana, 'nuair a tha e a'
mùchadh am beag solus a ta aige — agus a deanamh
ni a tha an aghaidh a choguis. Buaillear anduine so
le morwi bhuilibh — 'Nuair a tha e, le eòlas air toil
an Tighearn, a deanamh ni a tha an aghaidh an toil
sin, tha peacadh ro-eagalach air a chuir an gniomh
leis. Tha cuid do dhaoine ann agus is comadh leo an ni
a their ministirean riu, a thaobh an aineolas agus an
neo-iomchuidheachd airson am baisteadh fhaotainn
d'an sliochd. 'Se an ni a tha rompa an t-sochair
f haotainn — tha iad, uime sin, a dunadh an cluas air
an ni a tha air a radh riu — tha iad a' diultadh an
teagasg a ta air a thairgseadh agus air a chuir 'nan
comas — agus ged is ann gun taing do'n mhinisteir,
air aon seòl no seòl eile, gheibh iad an ni a tha
uapa. Tha na peacaich an-dana agus truagh so a
smuaineachadh gu'n d' f huair iad buaidh, 'nuair a
raìnig iad air na bha air a dhiùltadh dhoibh, ann
an treibh-dhireas airson an anama, car uine ghoirrid ;
ach thugadh iad an aire na tha focal Dhè ag radh
mu'n pheacadh. " An t-anam a ni bheag gu h-an-
dana, tha esan a toirt easurraim do'n Tighearna ;
agus gearrar an t-anam sin as o mheasg a shluaigh
do bhrigh gu'n d'rinn e taìr air focal an Tighearna,
agus gu'n do bhris e 'àithne ; gearrar an t-anam sin
as gu tur : bithidh aingidheachd air fein." " Agus
an duine a ni gu h-an-dana, agus nach eisd ris an t-
sagairt (a sheasas gu frithealadh an sin an lathair an
Tighearna do Dhe) — basaichidh eadhon an duine

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence