Skip to main content

‹‹‹ prev (37)

(39) next ›››

(38)
32
tha na chleachda aiiii an culd a dh' àitibh, eadhon
nach eil naoidheana a tha bàsachadh gun bhaisteadh,
air an adhlaic ann an aon àit le muinntir eile, ach
ann an àit air leth.
Tha a mhearachd thruagh so a teachd air tùs 'o na
Papanaich — agus se am peacadh anns am bheil e a'
co-sheasamh, gu bheil baisteadh ar arduchadh leis
gu àit Chriosd ; gu bheil iompachadh air a mhìneach-
adh leis mar ni a tha co-sheasamh ann an frithealadh
a bhaistidh ; agus gu bheil Criosduigh air a chumail
a mach leis a bhi gun atharachadh o dhaoin'
eile, ach dìreach gu'n d' f huair e baisteadh. Tha
e so-thuigsinn gur eagalach an t-eas-onair a tha am
mearachd so a'cur air Dia, gur mòr a mhealtaireachd,
a thaobh slainte, a ta e ag oibreachadh, agus,
uime sin, gur do-labhairt a mhiUeadh a tha e 'dean-
amh air anaman dhaoine.
Cha'n'eil èifachd chum slàinte 's an ordugh so ;
cha'n'eil ann ach comharadh, no failleas, air nithibh a
bhuineas do shlainte; agus an neach a dhearbas ris
an f hailleas an àit a bhi 'g amhairc ris an Ti a tha
air a shamhlachadh a mach leis, sgriosar e gu cinn-
teach.*
4. 'S coir dhomh, 's an àite mu dheireadh fuidh 'n
cheann so, a thoirt fanear, mar a tha gùilan mhòran
dhaoine, a thaobh a bhaistidh a dearbhadh am beag
eolas 'ma thimchiol, agus am beag suim a tha iad a
gabhail dheth. Ann an àit a bhi dearbhadli gu bheil
mothachadh acagur sacramaid naomh agus solaimte
a tha ga f hrithealadh, 's an a tha angiulanataisbean-
adh gur e am barail gurnie thagairmairson sugradh
agus cridhealas. 'S tric a tha cuideachd air a
chruineachadh 'nuair a tha baisteadh gu bhi ann,
* Chaidh innpeadh roimh c'uin a thig e gu bhi na shèul.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence