Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
23
F. Tha e gu h-iomchuidh air a choilionadh
*sa cheud aitf 'nuair a tha parant, le suil aige r'a
dhleasnas, ag iarraidh teagasg agus seoladh o
Dhia : 's an dara ait, 'n uair a tha e a' gnàthach-
adh na meadhonan a dh'òrduich Dia, le dùr-
achd agus le creidimh : agus 'san treas ait, 'nuair
a tha suìl aige ri buannachd, 'na shaothair,
amhàin o bheannachd an Ti a's aìrde.
80 C. Ciod na meadhonan a tha gu bhi air
an gnathachadh airson teagaisg na cloinne ?
F. O's ceann gach ni eile, tha leughadh na
Scriopturan gu bhi air a chleuchdainn ; maìlle
ri so tha leughadh leabhraichean eile a tha
air an tarruing o'n Scrioptur, mar a tha
" Leabhar aithghear nan ceist," gu bhi air an
cleuchdainn ; tha searmonachadh an f hocail gu
bhi air eìsdeachd — agus tuiUe fos tha conal-
tradh bitheanta air nithe spioradail, agus ann
an cainnt so-thuigsinn, gu bhi air a ghnàth-
achadh.
8 1 C. C' uin as còìr an teagasg so tòisach-
adh?
F. Cho luath agus a tha an tuigse as lugha
aig an leanabh, agus mu 'm bith Satan 'g a
lionadh le eolas air nithe eile.
82 C. Cia tric is còir do pharant e fein a
chleuchdainn 'san dleasnas so ?
F. Gach uair air am bheil cothram aige — a
h-uile là — ach gu sonraichte air là na Sabaid ;
oir a deir Dia 'na f hocal " bithidh na briathra
so, a tha mi 'g àithneadh dhuit an diugh, ann do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence