Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
19
66 C. Am bheil e na chall do chloinn
dhaoine neo-iompaichte a bhi as eugmliais bais-
teadh ?
F. Tha e na chall do-labhairt dhoibh, air
iomadh doigh, nach eiF am parantan do theagh-
lach a chreidimh ; ach a chionn nach eil còir
aig am parantan gu bhi 'g an cumail suas 'sa
bhaisteadh, am fad agus a tha ian fhèin neo-
iompaichte, cha bhitheadh e na bhuannachd
dhoibh ged a gheidheadh iad an t-sochair tren
daìmh riusan,
67 C. Agus ciod is còir do pharantaibh,
nach urradh a chur an teagamh gu bheil iad
neo-iompaichte, a dheanamh ?
F. Is còir dhoibh a bhi air an irioslachadh
gu mòr ; is coir dhoibh dol a dhionnsuidh
Dhè ann an urnaigh — an Ti a bheir gras '' do
gach neach gu pailt agus nach dean maoidh-
eamh ;" is còir dhoibh, leis gach uile dhichiol, na
meadhonan a dh' orduicheadh le Dia a chleuch-
dainn, 'chum 's le beannachadh an Tighearna,
gu'm. bith iad air an toirt gu mothachadh agus
gu fìor aithreachas.
68 C. Nach ro-chunnartach a chùis e do
na parantaibh sin a tha dol air an aghaidh
'ionnsuidh an ordugh so, gu h-aineolach agus
gu neo-mhothachail ?
F. Seadh ; ged nach eil daoine ga thoirt
fainear, no ga chuir ann an suim.
69 C. Cia mar a dh' fheùdas olc a pheac-
uidh so a bhi air a nochdadh ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence