Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
17
sgeula na doruinn :
Sgeula bròin e do-labhairt :
Bhuille ghoirt sin a leòn iad,
Ann am mor-bheinn us machair,
An latha dh' f holaich am fòd,
An airde ghloire 's neart e,
Mar ni reothadh air blaithean
Ann an ailleachd am maise.
Ah ! a bhochdanan trugha
Chuir na h-uabhraich gu ainis,
A chuir fortan gu tuath bhuaith' ;
'Us chuir fuachd oirbh 's acras,
Shibhs' nach uiTain a phaidheadh.
Tearc am mal air an latha,
Co a nis a ni baigh ridh
Ann an aite nur caraid ?
Co a nis a ni èisdeachd
Ris gach èigin a th' agaibh ?
Co a nis am fear eudmhor
Gus an eigin a chasgadh ?
Co a chumas bho 'n treud sibh
Leis am b' èibhneas na creacheadh ?
nach mairean an treun-f hear.
Bha na sgèith dhuibh, 's na chlaidheamh.
Sibh mar pharanfan aosmhor,
'S a mac-gaol doibh na bharant,
Air na leag iad an dochas,
Gu ma sholas e 'n tasgeadh :
Us iad gu'n churam gu brath,
Ma eudach, mal agus aran,
Thainig lìtir am mareach,
Sgeula-bhais, 's bha iad falaimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence