Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
Bha aig' diadhaiix'achd inhòr,
Nach dean peann duibh no beòil a luaidli
n' bha deachdadh fadheòigh,
Air a gintinn bho ghloir an uain*
Cuid le 'm faict' i na leòis,
'S cuid le 'm faict' i na lòchran suaint',
A bha dearsadli a ghnath
Air an t-slighe gu pharas buan.
Ach mo thruaigh 's ar bron !
Gu'm bheil iòmadaidh gleòn 'san am,
Aig am boisgich na leòis,
Mar gu 'm biodh iad an ceo sa ghleann ;
lad ag imeachd gun treoir ;
n' tha t-slighe nach eol duinn cam :
'S dh fhag sin sinn fo sgleò,
'S dh' fhag sin sìnn nar deòiribh fann.
An ni 's maisiche bèus
Ma gheibh sinne dheth fèum gach là,
'S gann a sheallas sinn gèur,
A cuir suim ann mar stèigh ar slaint.
Tha 'san Duthaich so fèin
lomadh sochair thar cèudan àit',
A tha nadur na speur,
'S air a bhrùchdadh a beul bheann àrd.
'S ged is sonas e 'n tiom,
Nach eil solas da 'n ìomaisg ann ;
na tha e gun phrìs,
Cha 'n fhaic cuid e ach dibli fann.
Tha 60 soilleir na leòir,
Gu 'm bheil daoine fo sgleò no dall'
A' cuir cul ris a chòir
'S dol na caonaig 'g an deoin gu call.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence