Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
Anns a mhias fhaoilidh mhai,
Seinnidh lanliath gu h-aiUt' a ceol .
Fasaidh coille fo bhlath
S iomadh nì' bha ri bas thig beò.
So an t-am san taobh-tuath,
'Sam bi saighd'earan suaint an ait,
Tha fo bhratach an uain,
Tighinn a chruinneachadh sluaigh gu chaisg.
An Co-sheirm ris na h eoin,
Sinidh 'm pobuU air ceol a sheinn ;
Cuid le cridheachan leoint',
'S cuid le cridheachan feol' ge binn :
Cuid 's iad ionan 's gun deo,
Anns an d' tig anam beò ri linn,
A theid dachaidh fo bhròn,
S aig 'm bi sonas ri 'm beo g' a inns',
Aig an t shacramaid naomhs',
Chi sinn toradh a ghaoil fo bhlath.
'S cuid aig peacadh air thaod,
'S e 'g an tarraing na'n caoirr o shlaint.
Chi sinn cuid laidir òg,
Kinn an ciontan dhiubh, deoir na 'n tuar.
'S cuid le aois bhios gun treòir,
'S iad mar staillin fo'n òrd 's i fuar.
B'aithne dhasan gach doìgh
Ann an cridh' bha leoint' no maoth,
'S le cainnt mhiUs a bheoil
Thigeadh frasan a gloir mar bhraon :
'Bha so taisbeant' an deoir,
'S bha e soiUeir am bron maraon,
S thug e toradh gach lo,
'S thug e sonas us beo dhaibh 'gaol.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence