Skip to main content

‹‹‹ prev (10)

(12) next ›››

(11)
Bha aig' creideamh le steigh
A bha daighean 's bu leir dha bhuaigh.
Bha aig' leigheas gach creuchd
A rinn peacadh na eucail thruagh ;
Bha aig' solus ro mhor,
A bha sgaoileadh a cheo's gach uair ;
'Bha cuir dubhar 'san ròd
Air a chreid'mhach, o ghloir bhith-bhuan.
Bu dhrùight' briathran o bheul
Mu na dh' fhullaing Mac Dhe do chradh ;
Dh' f hag sinne fo fhèich,—
'S mar a chairich E'm beum le bhas ;
'S ma bha sinn ann am pein,
Gu'n roljh comhf hurtear reidh gach la :
Gu'n robh Jighiche treum ;
,S gum b' e'n lighich, Mac Dhe ar slaint.
Cainnt chumhachdach chiuin
Ann a theagasg, 's i bruchdadh graidh
Do na cridheachan bruit'
I na h ola gu'n ungadh tla :
J\lar na blathaibh gun luth
Leis an dealta ni cubhraidh fas :
Bhidh na cridheachan cuirt
Air an altrum a dh' ionnsaidh grais.
Puincean dorch air an t' sluagh,
'S iad na'n curam 'sna'n 'cruas, do phairt,
Mu na ruintean tha shuas,
Bha ga'n cumail gu truagh an sas,
Aig an lagh iad a thruaill,
Thug an coinseas dhaibh tuar a bhlath ;
'S dh' f hag sin iad fo ghruaim,
'S dh' fhag sin iad gun smuain na thamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence