Skip to main content

‹‹‹ prev (205)

(207) next ›››

(206)
190 DR. macgregor's hymns. I
'S e ghibht gach ial E do pheacaich f hiata,
'S e 'thiolac fial E do dh'iarmad Eubh :
Tha Dia an t-Ardrigh 'ga chur nad' dhail-sa
Mar thiolac aluinn na bhaigh riut fein.
Is gradhach treun E gu d'tlioirt a d'eigin
A chum na reite nach treig a chaoidh ;
Is ealamh gleusd E na uile dhreuchdaibh ;
Na fan an cein uaith 'mu 'n teid do chlaoidh.
Is faidh' ro-theom E thoirt seachad eolais ;
Rach trie na chomhdhail 's gabh foghlum uaith/
Is Sagart caomh E a ghabhas daonnan
Ri peacaich bhaoth ; biodh do ghlaodh na chluais,
Is treun an Righ E a dheanamh didein
D'a uile dhilsibh ; grad-striochd-sa dha
Ma 's peacach mor thu, 's Fear-Saoraidh corr E,
Grad-rach na choir, 's gheibh thu foir gun dail.
A Thighearu losa gabh truas de 'n Chriosdachd,
&c.
CRAOBH SGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
(The 19th Yerse.)
Agus cuideachd nan leabhraichean beag',
Cha chreid mi nach dean iad euchd,
'Toirt nan deor us nan dall chum an leas,
Le 'n saothair, le'n seirc, 's le 'n eud.
Tha an leabhranan brioghor gun ghaoid
Air an leubhadh le sgoinn 's gach tir ;
'S iad gu trie us gu pailt air an roinn
'M easg bhochdan an gainn' 'us dith.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence