Skip to main content

‹‹‹ prev (349)

(351) next ›››

(350)
314 CLARSACII NA COILLE.
OPvAN NAN GAIDHEAL,
Leis a Phiobaire Mac-Gillebhrath. Air do dh"
fhear de chuid mac diiiltadh deise tliartain a
cheannacli.
Luinneag.
Soraidh bhuam thar chuain air astar
Gu fir shuaicheanta nam breacan
'Cliumadh suas gu buan an cleachdadh
Anns an reachd ha dual dliaibh.
'S iad na Gàidheil fèin na gaisgich,
Na suinn chruadha, cliuanta, sgairteil ;
Bhiodh an t-'èile grinn 's an gartan
Anns gach baiteal buadliach,
Soraidh bhuam, &c.
Ciod i 'n tir anns an Roinn-Eorpa
Nach do chiosnaich feachd na Ròimhe
Ach sliochd dileas Cltahdonia
Chum an coir le 'n cruadal 1
'S ged bha Lochlanaich nam feachdaibh
'G iarraidh an diithaich a chreachadh,
Thill iad na dh ' flian beò dhiubh dhachaidh
Sia no seachd de dh' uairean
'S ged bu dianmhor gaisgich Shasuinn
'S lionmhor sliabh 's an deach an sgapadh ;
Riamh bho dheuchainn Allt-nam-Breacag
Sheachainn iad na Tuathaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence