Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
« CLARSACH NA COILLE.
Fhuair e fhein a ragha ceile,
'Bhaintighearn' eibhin a b' fheàrr dealbh;
Gnùis na feile Ian cle cheutaibh,
Gruaidhean reidhe mar ros dearg
Gu 'm bu reul i mar gliatli greine
Bha gach treun-fhear air a lorg,
Coltas ban-righ'nn flathail àlainn ;
'S iomadh ait 's an robh oirr' ainm.
'S i a dhùthaich a bha deurach
'N uair a leughadh sgeul a chràidh
Gu'n do dh' eug i, ceann na ceille,
'Gheug ùr cheutach 's i fo bhlàth.
Thug e riarachadh d'a inntinn,
'Toirt do'n tir 'an deigh a bàis.
Dhearbh e 'n gaol a bh' ac' araon,
'S cha dean e caochladh as gu bràth.
'Nam biodh m' fhiosrachadh gu m' dhùrachd
Bhiodh a chliii a sios ni b' fheàrr;
Bu toilimitinn leam 'bhi 'g iunse
Sgeula cinnteach air 'an dan.
Gu 'm bu mhiann leam, 's co nach iarradh,
E bhi liath mu'n tig am bàs,
'S Eòbhan 'bhi na dheigh gu buadhnihor
Mar cheann sluaigh a seasamh àit'.
Alexander, the 14th MacLean of Coll was a
thorough Highlander. He was a man of a very
independent spirit. He was naturally benevolent,
and treated his tenants with great kindness. He
studied law for some time. He was Lieutenant-
Colonel of the Breadalbane Fencible Regiment.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence