Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
CLARSACH NA CO I LIE.
'S aobhar solais e d'a sheorsa
Gu 'bheil coir aig feai* le iùl
Air an oighreachd sin d'am buin e,
Pàirt de Mhuile, Cola 's Rum.
C àite 'n aithne dhomh ri 'ràitinn
Anns a' Ghàiclhealtachd mu 'n cuairt
Aon cho ainmeil ris an ceart-uair
Airson ceartais 'thoirt do thuath 1
'Se nach sàraiclieadh le màl iad
Ged 'bhiodh each 'ga thogail suas : —
'S ionnan sin 's mar 'dh' èireas dhasan,
Gheibh e blàths an àite buan.
Tha e measail ann an Albainn;
'Siomadh dearbhadh air a chliù;
'NuaLr a theid e bhuainn do Lunnainn
Gheibh e urram bho gach Diiic.
'S lionmhor feum air an Duneideann,
Cuid d'a euchd a bhi 's a chùirt;
'S breitheamh ceart e nach dean eucoir,
'S trio a reiticheadh leis cùis.
Peàrsa chumadail, dheas, dhireach;
Aghaidh shiobhalta gun sgraing;
Beul na firinn 'labhras cinnteach,
Bheir e 'nios gach neach le 'chainnt.
'N am 'bhi cruinn amis an taigh-sgriobhaidb
Gheibh e cis de na bhios ann;
Toiseach bruidhne ri uchd binne,
'S leis gach ni 's an cuir e ceann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence